Segovia
![]()
Suidheachadh
Dùthaich
An Spàinn
Ceàrn
Segovia
Sgìre
Castilla y León
Co-chomharran
40° 56' 43' Tuath
04° 07' 35' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd
163.59 km²
Àireamh-shluaigh
56,047 (2009)
Dlùths
342.61/km²
Àireamh fòn
+ 34 921
Duilleag oifigeil
Duilleag Oifigeil
’S e baile mòr faisg air Ávila ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Segovia (IPA: seˈɣoβja). Tha e suidhichte aig 1,005m os cionn ìre na mara, 93km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 663km bho Bharcelona. Tha 56,047 daoine a’ fuireach ann an Segovia. Tha e ainmeil air fad an t-saoghail airson an amar-uisge nan Ròmanach a tha a seo. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Segovia a th’ ann cuideachd.
Freumhan an ainm
Tha a h-uile coltas ann gur ann à Segobriga a tha ainm a' bhaile. 'S e ainm gu math Ceilteach a th' ann, bho Sego (Gàidhlig: buaidh) agus briga (Gàidhlig: dùn). Bheireadh sin Segburgh dhuinn ann an Alba, leis gu bheil na faclan a' nochdadh anns na cànain Gearmailteach (sieg agus burg). Chaidh an t-ainm arabachadh gu شقوبية (Šiqūbiyyah) ach 's e an t-seann ainm ann an Laideann a tha ga chleachdadh a-nis. A dh'aindeoin sin, tha cuid a' ràdh nach eil sin idir ceart agus gu robh an Segobriga mun do sgrìobh Livius agus Ptolomaidh faisg air Saelices, ann an Cuenca.
Eachdraidh
B' e na Ceiltich o shean a stèidhich am baile. Bhuannaich Quintus Caecilius Metellus Pius cath an seo ann an 75 Ro Chrìosd. Mar a b’ àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833. Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach-tòiseachaidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.
Cruinn-eòlas
A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Segovia. Cha tuit ach 476mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 697mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite àrd tioram a th' ann.
Ceanglaichean A-mach
- Riaghaltas na Roinne
- Riaghaltas na Coimhearsnachd le Fèin-riaghlaidh
