factograf
GD

Sardainia

Sardainia

Key facts

àireamh-sluaidh1,628,384
farsaingeachd23,949km²
dùthaichAn Eadailt
prìomh-bhaileCagliari
àirde os cionn na mara384m
sgìre riaghaltais ionadailAn Eadailt
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula

Sardainia Suidheachadh Dùthaich An Eadailt Prìomh-bhaile Cagliari (mul) Feartan fiosaigeach

'S e Sardainia neo Sàrdainea (Sàrdais: Sardigna, Sardinna no Sardíngia, Eadailtis: Sardegna, Catalanais: Sardenya, Beurla: Sardinia), an dàrna eilean as motha anns a' Mhuir Mheadannach. Tha e suidhichte mu 202 km bho thìr-mhòr na h-Eadailt agus mu 184 km san àird a tuath Tuinisia. Tha Menorca, eilean Spàinnteach anns na h-Eileanan Balèarach mu 335 km san àird an iar Sardainia.

'S e Cagliari am prìomh-bhaile aige.

Sgìrean

Na sgìrean ann an Sardainia (mapa dà-chànanach).
Na sgìrean ann an Sardainia (mapa dà-chànanach).

'S e Sardainia aon de na còig roinnean neo-eisimeileach den Eadailt.

Bho thùs bha trì sgìrean poilitigeach ann an Sardainia fhèin: Cagliari, Sassari is Nuoro. Anns a' bhliadhna 1974 chaidh an sgìre Oristano a chruthachadh. Bho 2005 a-mach tha ceithir sgìrean ùra eile ann: Olbia-Tempio, Ogliastra, Carbonia-Iglesias agus Medio Campidano.

Sgìre Farsaingeachd
(km2)
Àireamh-shluaigh
31.12.2009
Dlùths
Cagliari 4570 61.080 123
Carbonia-Iglesias 1495 130.186 87
Medio Campidano 1516 102.647 68
Nuoro 3934 161.020 41
Ogliastra 1854 58.006 31
Olbia-Tempio 3399 156.121 46
Oristano 3040 166.712 55
Sassari 4282 336.632 79

Cruinn-eòlas

Tha Sardinia cho mòr ri 24.090 km2 agus ann an 2009 bha 1.672.404 a' fuireach ann.

Le 150 km a dh'fhad,'s e Tirso an abhainn as motha ann an Sardainia, tha e anns an taobh an iar dhen eilean. Tha an Coghinas 123 km a dh'fhad agus anns an àird an earra-dheas tha am Flumendosa (122 km) ann.

'S iad am Punta La Marmora (1834 meatair a dh'àrd) agus am Bruncu Spina (1829 m) na beanntan as àirde. Tha iad suidhichte ann am meadhan Shardainia anns na ruith-bheanntan Gennargentu. Ann an ceann a tuath an eilein tha am Monte Limbara, tha e 1359 m a dh'àrd. Uaireannan lorgar òr is airgead anns na beanntan Shardainia.

Cànanan

Ged a tha Eadailtis aig muinntir an eilean gu lèir. tha Sàrdais aig 80% dhiubh.

Ceanglaichean a-mach

  • Duilleag oifigeil na turasachd ann an Sardainia (Beurla)
  • Leabharlann digiteach Shardainia

Abruzzo  • Basilicata  • Calabria  • Emilia-Romagna  • Friuli-Venezia Giulia  • Lazio  • Liguria  • Lombardia  • Marche  • Molise  • Piemonte  • Puglia  • Sardainia  • Sicilia  • Toscana  • Trentino-Alto Adige/Südtirol  • Umbria  • Valle d'Aosta  • Veneto

 

Read next

In 167 languages

gdAfrikaansAlemannischአማርኛaragonésÆngliscالعربيةالدارجةمصرىasturianuazərbaycancaбашҡортсаBasa BaliBoarischBikol Centralбеларуская (тарашкевіца)беларускаябългарскиবাংলাbrezhonegbosanskicatalà閩東語 / Mìng-dĕ̤ng-ngṳ̄нохчийнCebuanoکوردیcorsuqırımtatarcačeštinakaszëbscziчӑвашлаCymraegdanskDeutschZazakidolnoserbskiΕλληνικάemiliàn e rumagnòlEnglishEsperantoespañoleestieuskaraestremeñuفارسیsuomiføroysktfrançaisarpetanNordfriiskfurlanFryskGaeilgegalegoGaelgHausa客家語 / Hak-kâ-ngîעבריתहिन्दीFiji HindihrvatskihornjoserbsceKreyòl ayisyenmagyarհայերենinterlinguaBahasa IndonesiaInterlingueIdoíslenskaitaliano日本語JawaქართულიTaqbaylitKumoringқазақша한국어kurdîkernowekLatinaLadinoLëtzebuergeschLingua Franca NovaLimburgsLigureLadinlombardລາວlietuviųlatviešuMalagasyолык марийMāoriMinangkabauмакедонскиമലയാളംмонголमराठीBahasa Melayuမြန်မာဘာသာمازِرونیNapulitanoNedersaksiesPlattdüütschNederlandsnorsk nynorsknorskoccitanиронਪੰਜਾਬੀKapampanganPapiamentuPicardpolskiPiemontèisپنجابیپښتوportuguêsRuna SimiromânătarandíneрусскийрусиньскыйsardusicilianuScotsdavvisámegiellasrpskohrvatski / српскохрватскиSimple EnglishslovenčinaسرائیکیslovenščinaSoomaaligashqipсрпски / srpskisvenskaKiswahiliślůnskiதமிழ்తెలుగుтоҷикӣไทยTagalogtolışitoki ponaTürkçeXitsongaтатарча / tatarçaئۇيغۇرچە / Uyghurcheукраїнськаاردوoʻzbekcha / ўзбекчаvènetoTiếng ViệtWest-VlamsVolapükwalonWinaray吴语მარგალურიייִדישZeêuws文言閩南語 / Bân-lâm-gí粵語中文

Text from Wikipedia, CC BY-SA 4.0 · Source article