factograf
GD

Prishtina

Prishtina

Key facts

àireamh-sluaidh227,466
farsaingeachd523km²
eisimpleir debaile mòr, baile susbainteach
dùthaichA' Chosobho
àirde os cionn na mara652m

Prishtina
Suidheachadh Dùthaich Cosobho Ceàrn Rajoni i Prishtinës Co-chomharran 42° 39' 48' Tuath
21° 09' 44' Ear Feartan fiosaigeach Farsaingeachd 572 km² Àireamh-shluaigh 208,230 (2013) Dlùths 364.04/km² Àireamh fòn +383 38 Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile mòr air an àirde an ear Cosobho a th’ ann am Prishtina (IPA: pɾiʃtiːna, Gearmailtis: Prischtina, Searbais: Приштина, Turcais: Priştine). 'S e Prishtina a th' ann prìomh-bhaile na dùthcha. Tha e suidhichte aig 652m os cionn ìre na mara, faisg air na beanntanan Goljak. Tha am baile 185km air falbh bho Thirana, 176km bho Shofia, 78km bho Skopje, 243km bho Bheograd agus 157km bho Phodgorica. Tha 208,230 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh

Chaidh Prishtina a chlàradh airson a' chiad turais ann an 892. Bhuineadh e do dh'Impireachd nan Otomanach bho 1455 gu ruige 1912 agus fiù's bha e na phrìomh-bhaile na sgìre Vilajeti i Kosovës eadar 1877 agus 1888. An dèidh A' Chogaidh Mhòir bha e na phàirt Iùgoslaibhia bho 1918 gu ruige 2008. Anns a' Chèitean 1944, ri linn an Dàrna Cogaidh, thug an Schutzstaffel (21. Waffen-Gebirgs-Division der SS Skanderbeg albanische Nr. 1) an grèim na 281 Iùdhaich a bha a' fuireach ann am Prishtina. Chaochail iad ann am Bergen-Belsen.

Ceanglaichean a-mach

  • Riaghaltas Chosobho
  • Oifis a' phrìomhaire

Read next

In 137 languages

gdAfrikaansAlemannischአማርኛaragonésÆngliscالعربيةالدارجةمصرىasturianuKotavaazərbaycancaتۆرکجهбашҡортсаžemaitėškaBikol Centralбеларуская (тарашкевіца)беларускаяBetawiбългарскиবাংলাབོད་ཡིགbrezhonegbosanskicatalà閩東語 / Mìng-dĕ̤ng-ngṳ̄нохчийнCebuanoکوردیčeštinaсловѣньскъ / ⰔⰎⰑⰂⰡⰐⰠⰔⰍⰟCymraegdanskDeutschZazakidolnoserbskiΕλληνικάEnglishEsperantoespañoleestieuskaraفارسیsuomifrançaisNordfriiskFryskGaeilgegalegoGaelgעבריתhrvatskihornjoserbscemagyarհայերենinterlinguaBahasa IndonesiaInterlingueIdoíslenskaitaliano日本語JawaქართულიTaqbaylitKarai-karaiKumoringқазақша한국어kurdîkernowekLatinaLëtzebuergeschLingua Franca NovaLimburgslietuviųlatviešuMalagasyMinangkabauмакедонскимонголमराठीBahasa MelayuMaltiمازِرونیPlattdüütschNederlandsnorsk nynorsknorskNovialoccitanиронਪੰਜਾਬੀPapiamentupolskiPiemontèisپنجابیپښتوportuguêsromânăрусскийсаха тылаsardusicilianuScotsسنڌيsrpskohrvatski / српскохрватскиSimple EnglishslovenčinaslovenščinaGagana SamoachiShonashqipсрпски / srpskisvenskaKiswahiliślůnskiதமிழ்ไทยtolışiTürkçeтатарча / tatarçachiTumbukaудмуртукраїнськаاردوoʻzbekcha / ўзбекчаvepsän kel’Tiếng ViệtWest-VlamsVolapükWinaray吴语Yorùbá閩南語 / Bân-lâm-gí粵語中文

Text from Wikipedia, CC BY-SA 4.0 · Source article