Maastricht
Suidheachadh
Dùthaich
Na Tìrean Ìsle
Sgìre
Limburg
Co-chomharran
50° 51 05' Tuath
05° 41′ 27 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd
60.06 km²
Àireamh-shluaigh
121,164 (2011)
Dlùths
2,017.38/km²
Àireamh fòn
+31 (0)43
Duilleag oifigeil
http://www.maastricht.nl
‘S e baile mòr air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th’ ann am Maastricht (IPA: maːˈstrɪxt]). ‘S ann às an Laideann Mosiae Trajectum (Gàidhlig: Àite-coise nam Maas) a th' ann an t-ainm. Tha e suidhichte aig 64m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Maas, anns an roinn Limburg, faisg air na crìochan leis A’ Ghearmailt, An Fhraing agus A' Bheilg. Tha am baile 167km air falbh bho Dhen Haag (Prìomh-bhaile na dùthcha), 175km bho Amsterdam, 142km bho Utrecht. 89km bho Tilburg agus 270km bho Ghroningen. Tha 122020 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin. Chaidh Oilthigh Mhaastricht a stèidheachadh an seo ann an 1976. Tha am baile ainmeil air feadh na Roinn Eòrpa oir chaidh ainmean a chur gu Cùmhnant Mhaastricht an seo ann an 1992.
Daoine ainmeil
- Hendrik de Fromantiou (1633–mu 1693) Dealbhadair.
- Jean-Pierre Minckelers (1748–1824) Fear-saidheans.
- Peter Debye (1884–1966) Ceimigear.
- Pierre Kemp (1886–1967) Bàrd.
- Hubert Hermans (1937) Eòlaiche-inntinn.
