B' e Rìgh na Frainge fad dìreach 19 mìos eadar 29 an t-Samhain 1314 is 5 an t-Ògmhios 1316 a bh' ann an Louis X (far-ainm: Louis le Hutin (Gàidhlig: dùr), Paris, 4 an Dàmhair 1289–Vincennes, 5 an t-Ògmhios 1316). Bhuineadh e dha na Capetianaich (Fraingis: Capétiens). Phòs e Mairead à Bourgogne ann an 1305 ach rinn ise adhaltranas agus chaidh a cur gu bàs. Rug Mairead nighean dha, Seonag I à Nafarroa, ann an 1311. Phòs e a-rithist Clémence às an Ungair ann an 1315. Rug ise mac dha, a chaochail na phàiste an ath bhliadhna. Air 3 an t-Iuchar 1315 thug e a-mach Èigheachd Rìoghail a chuir às do tràilleachd agus a dhearbhaich a rèir còirichean nàdarra, feumar gach uile duine air breith saor. Bhon an latha sin agus gu h-oifigeil, saoraichidh fearann na Frainge an tràill a chuireas a chas oirre. Chaochail e an dèidh glainne fìona fuar òl agus esan a' faireachdainn gu math tè leis gu robh e a' cluiche seòrsa de teannas air an robh jeu de paume. Bha e dìreach 26 bliadhna a dh'aois.
Louis X na Frainge

Key facts
là-breithe4mh dhen Dàmhair 1289
là bàis5mh dhen Ògmhios 1316
dreuchdriaghladair
àite-breitheParis
àite-bàisChâteau de Vincennes
All data from the card 14
- Breith
- Paris, 4 dhen Dàmhair 1289
- Dùthaich
- An Fhraing Kingdom of Navarre
- Bàs
- Château de Vincennes (mul) , 5 dhen Ògmhios 1316
- Àite-adhlacaidh
- Basilica of Saint-Denis (en)
- Nàdar a’ bhàis
- adhbharan nàdarra (disease (en) )
- Athair
- Philip IV na Frainge
- Màthair
- Joan I Navarre
- Cèile
- Margaret of Burgundy (en) (23 dhen t-Sultain 1305 - 30 dhen Ghiblean 1315)Clementia of Hungary (en) (19 dhen Lùnastal 1315 - 5 dhen Ògmhios 1316)
- Clann
- liosta Joan II of Navarre (en) Jean I na Frainge
- Bràithrean ⁊ peathraichean
- liosta Isabella of France (en) Charles IV of France (en) Philip V of France (en)
- Fine
- rìgh-shliochd Capet
- Cànain
- Fraingis
- Dreuchd
- riaghladair
- Creideamh
- Crìosdaidheachd
Read next
In 66 languages
gdAlemannischaragonésالعربيةمصرىKotavaazərbaycancaتۆرکجهбеларуская (тарашкевіца)беларускаябългарскиbrezhonegbosanskicatalàčeštinaCymraegdanskDeutschΕλληνικάEnglishEsperantoespañoleestieuskaraفارسیsuomifrançaisgalegoעבריתhrvatskimagyarհայերենíslenskaitaliano日本語ქართული한국어LatinaмакедонскимонголमराठीMirandésNederlandsnorskNouormandoccitanpolskiportuguêsromânăрусскийsrpskohrvatski / српскохрватскиSimple Englishslovenčinaсрпски / srpskisvenskaไทยTürkçeукраїнськаاردوTiếng ViệtWest-Vlams吴语Yorùbá閩南語 / Bân-lâm-gí粵語中文
Text from Wikipedia, CC BY-SA 4.0 · Source article