Kherson
Херсон
![]()
Suidheachadh
Dùthaich
An Ucràin
Ceàrn
Khersonska Oblast
Co-chomharran
46° 38 33' Tuath
32° 37 30' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd
135.7 km²
Àireamh-shluaigh
283,649 (2021)
Dlùths
2,090.27/km²
Àireamh fòn
+ 380 552
Duilleag oifigeil
Duilleag Oifigeil
'S e baile mòr agus port cudromach faisg air Mykolaiv agus Berdiansk anns An Ucràin a th' ann an Kherson (Ucràinis: Херсон, IPA: xerˈsɔn). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Dnipro, far a shruthas i dhan A' Mhuir Dhubh, san roinn Khersonska Oblast. Tha 283,649 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
Chaidh Kherson a stèidheachadh ann an 1778 le Caitrìona II na Ruise mar dhaingneach mara. Ann an 1991, thàinig Kherson gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. B' e Kherson a' chiad phrìomh-bhaile roinneil Ucràineach a chaidh a ghlacadh le feachdan na Ruise ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022. Thog iomadh sìobhaltach fianais an aghaidh nan Ruiseanach anns na sràidean.
Daoine Ainmeil
- Moshe Sharett (1894 - 1965): Neach-poileataigs.
- Sergei Polunin (1989): Dannsair.
.jpg?width=1280)