factograf
GD
Sign in

Halmstad

Halmstad

Key facts

àireamh-sluaidh72,979
farsaingeachd3,889ha
eisimpleir debaile mòr, am baile as mò
dùthaichAn t-Suain
àirde os cionn na mara11m
sgìre riaghaltais ionadailHalmstads kommun

Halmstad
Suidheachadh Dùthaich An t-Suain Ceàrn Halland Sgìre Hallands län Co-chomharran 56° 40 00′ Tuath
12° 51 00′ Ear Feartan fiosaigeach Farsaingeachd 34.13 km² Àireamh-shluaigh 58,577 (2010) Dlùths 1,716.29/km² Àireamh fòn (+46) 035 Duilleag oifigeil http://www.halmstad.se/

‘S e baile meadhanach agus port ann an ceann a deas na Suaine a th’ ann an Halmstad (IPA: halmsta). Tha e suidhichte eadar Göteborg agus Helsingborg, aig Inbhir na h-aibhne Nissan, far a shruthas i dhan Kattegat, san sgìre Hallands län, 426km air falbh bho Stockholm, 451km bho Uppsala agus 1,107km bho Luleå. Tha 58,577 duine a' fuireach ann. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1307.

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Suainis: halmr (feur) agus stad (baile) a tha an t-ainm. Bheireadh sin Baile an Fheòir dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Eachdraidh

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1231 mar Halmstæde. Fhuair Halmstad - a bha beagan na b' fhaide shuas na h-aibhne na tha e a-nis - a chuid chòirichean a thaobh chìsean agus malairt bho Rìgh na Danmhairge ann an 1307. Ghluaiseadh meadhan a' bhaile dhan àite far a bheil e an latha an-diugh mu 1320, le cead bhon Phàp, nuair a bha trioblaid mhòr ann leis An t-Suain, a bheireadh ionnsaigh daonnan air Halmstad. Eadar 1400 agus 1530 b' ann ann an Halmstad a rèiteachadh cò a bhiodh na Rìgh air an Aonadh Kalmar. Thog an Rìgh Christian den Fjerde ballachan-dìona an seo. Chaidh am baile na smàl ann an 1619. Ann a 1645 thug an t-Suain seilbh air Halmstad. Dh'fhàs am baile fad an 19mh Linn air sàilleabh gu robhar a' togail taighean-gnìomhachais.

Daoine ainmeil

Ceanglaichean a-mach

  • Riaghaltas na Sgìre
  • Destination Halmstad

Read next

In 81 languages

Text from Wikipedia, CC BY-SA 4.0 · Source article