'S e sgrìobhadair a bha ann an George Orwell (Motihari, 25 an t-Ògmhios 1903–Lunnainn, 21 am Faoilleach 1950), fìor ainm Eric Arthur Blair.
Bha e na sgoilear aig Eton is chaidh e sa' Phoileas Ìmpireil na h-Innseachan ann am Burma. Thill e do Shasainn ann an 1927 is dh'obair e ann am Paris. Shabaid e ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinne air taobh na Poblachd. Eadar 1941 is 1943 dh'obair e airson a' BhBC is a' sgrìobhadh propaganda. Sgrìobh e pàirt de Nineteen Eighty-four ann an Diùra an dèidh do dh' Eileen, a bhean, a chaochladh. Chaochail e leis a' chaitheimh ann an 1950.
Rinn Aonghas Pàdraig Caimbeul eadar-theangachadh gu Gàidhlig den leabhar Animal Farm aig George Orwell, fon ainm Tuathanas nan Creutaran (2021).
Leabhar-chlàr
- Down and Out in Paris and London, 1933
- The Road to Wigan Pier, 1937
- Homage to Catalonia, 1938
- Nineteen Eighty-four, 1949
