factograf
GD

Darmstadt

Darmstadt

Darmstadt
Suidheachadh Dùthaich A' Ghearmailt Sgìre Hessen Co-chomharran 49° 52' Tuath
08° 39' Ear Feartan fiosaigeach Farsaingeachd 122.11 km² Àireamh-shluaigh 149,743 (2013) Dlùths 1,226.3/km² Àireamh fòn +49 (0)6151, (0)6150 agus (0)6159 Duilleag oifigeil http://www.darmstadt.de/

‘S e baile mòr faisg air Frankfurt agus Mainz ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann an Darmstadt. Tha e suidhichte aig 144m os cionn ìre na mara, anns an stàit Hessen. Tha am baile 181km air falbh bho Nürnberg, 200km bho Dhüsseldorf, 309km bho Leipzig agus 443km bho Bherlin. Tha 149,743 duine a' fuireach ann. Tha Darmstadt uabhasach ainmeil airson Saidheans.

Eachdraidh

Chaidh Darmstadt a chlàradh airson a' chiad turais anns an 11mh Linn mar Darumstadt. Thathar dhen bheachd gur ann à Dar Mund (Rubha Bogach) ann an seann Ghearmailtis a tha an t-ainm. Ann an 1330 thug an t-Ìmpire Ludwig à Bayern, a bha os cionn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe, còirichean dhan bhaile, a bhuineadh dhan teaghlach uasal Katzenelnbogen. Thogadh caisteal aig an àm sin cuideachd. Chaochail an t-Iarla Katzenelnbogen gun chlann ann an 1479 agus chaidh a chuid oighreachdan ann an Darmstadt a thoirt gu Hessen. B' e prìomh-bhaile na stàite Dhiùcachd Hesse a bh' ann bho 1567 gu ruige 1806 agus an uair sin Àrd-Dhiùcachd Hesse bho 1806 gu ruige 1918. Dh' fhàs Darmstadt gu math luath fad an 19mh Linn air sàilleabh gu robh taighean-gnìomhachais a thogail agus bha còrr is 100,000 duine a' fuireach ann aig deireadh na linne. Chaidh an t-oilthigh teicnigeach TU Darmstadt a stèidheachadh ann an 1877. A bharrachd air saidheans agus malairt bha ealain cuideachd làidir ron a' Chiad Chogaidh agus bha am baile ainmeil air feadh na Gearmailt mar teis-mheadhan Jugendstil, a bha coltach ri Art Nouveau a bha againn ann an Alba. Thoisich a' chiad dùnadh bùthan nan Iùdhach anns a' Ghearmailt ann an Darmstadt ann an 1933, ri linn Adolf Hitler. Chaidh na 3,000 Iùdhaich a bha a' fuireach anns a' bhaile a thoirt gu campaichean na mairbh ann an 1942 agus chaidh ias uile a mharbhadh anns an Uile-losgadh. Bhuineadh Wilhelm Leuschner agus Theodor Haubach do Dharmstadt: Shabaid iad an aghaidh nan Nàsach, a chuir iad gu bàs ro dheireadh an Darna Chogaidh. Thoisich an RAF Darmstadt a bhomadh ann an 1942 agus, mu dheireadh thall air 11 an t-Sultain 1944, chaidh a' chiad bhomadaireachd Firestorm a dhèanamh an seo: chaochail mu 75% nan daoine a bha anns a' bhaile an oidhche ud sin.

Saidheans

Ann an 1912 leasaich an ceimigear Anton Köllisch an droga MDMA, neo ecstasy, nuair a bha e ag obair airson na companaidh Merck.

Tha an Comann airson Rannsachadh nan Aidheon Trom ann an Darmstadt. Chaidh iomadach eileamaid cheimigeach ga lorg an-sin, mar eisimpleir hassium agus darmstadtium.

Bailtean Co-cheangailte

  • Alkmaar
  • Brescia
  • Bursa
  • Chesterfield
  • Fayoum
  • Freiberg
  • Graz
  • Gyönk
  • Liejaāja
  • Logroño
  • Płock
  • Saanen
  • Szeged
  • Troyes
  • Trondheim
  • Uzhhorod

Read next

In 110 languages

Text from Wikipedia, CC BY-SA 4.0 · Source article