
Is e dùthaich bheag neo stàit-chathrach anns an Eadailt ann an taobh deas na h-Eòrpa a tha ann an Cathair na Bhatacain, A' Bhatacan neo Stàit na Bhatacain (Ainm oifigeil: Status Civitatis Vaticanae san Laideann/Stàit Cathair na Bhatacain). Tha i suidhichte taobh a-staigh Cathair na Ròimhe. Is e an dùthaich neo-eisimeileach as lugha san t-Saoghal. Is e am Pàp àrd-Easbaig na Ròimhe, mar sin dheth, 's e ceannard na h-eaglaise Caitligich a th' ann cuideachd. Is e am Pap ceannard na stàite gu sìorraidh. (Monarcachd thaghach cheannasach).